bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 36
Isaiah 36
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 35
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 37 →
1
Agus thàrladh ann an ceathramh‐bliadhna‑deug rìgh Heseciah gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.
2
Agus chuir rìgh Asiria Rab‐saceh o Lachis do Ierusalem a dh’ionnsaigh rìgh Heseciah, le armailt mhòir; agus sheas e aig sruth‐chlais na linne uachdaraich air rathad mòr achadh an luadhadair.
3
An sin thàinig a‑mach da ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanchaidh.
4
Agus thubhairt Rab‐saceh riu, Abraibh a‑nis ri Heseciah, Mar seo deir an rìgh mòr, rìgh Asiria, Ciod e am bun‐dòchais seo as a bheil thu ag earbsa?
5
Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoine iad), Tha comhairle agus neart agam airson a’ chogaidh; a‑nis cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu ceannairc am aghaidh‐sa?
6
Feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit; nì, ma leigeas duine a chudthrom air, a thèid a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe i: mar seo tha Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, dhaibhsan uile a dh’earbas as.
7
Ach ma their thu rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa; nach e sin esan a chuir Heseciah air falbh a ionadan àrda agus a altairean; agus thubhairt e ri Iùdah agus ri Ierusalem, Fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh?
8
A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gèill dom thighearna, rìgh Asiria; agus bheir mise dhut dà mhìle each, mas urrainn thu, air do thaobh‐sa, marcaichean a chur orra.
9
Cionnas, matà, a thilleas tu air ais aon cheann‐feadhna de na seirbhisich as lugha tha aig mo thighearna, agus a dh’earbas tu as an Eiphit airson charbadan agus mharc‐shluaigh?
10
Agus a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh na tìre seo, ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt rium, Rach suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i.
11
An sin thubhairt Eliacim, agus Sebnah agus Iaoh ri Rab‐saceh, Labhair, guidheamaid ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich, ann an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla.
12
Agus thubhairt Rab‐saceh, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna‑sa, agus ad ionnsaigh‐sa, a chuir mo thighearna mise, a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin, maille ribhse?
13
An sin sheas Rab‐saceh, agus ghlaodh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus thubhairt e, Cluinnibh briathran an rìgh mhòir, rìgh Asiria:
14
Mar seo deir an rìgh, Na mealladh Heseciah sibh, oir cha bhi e comasach air ur tèarnadh:
15
Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu cinnteach tèarnaidh an Tighearna sinn, cha toirear thairis am baile seo ann an làimh rìgh Asiria:
16
Na èisdibh ri Heseciah; oir mar seo deir rìgh Asiria, Dèanaibh coicheangal riumsa le tìodhlac, agus thigibh am ionnsaigh; agus itheadh gach fear de a chrann‐fìona, agus gach fear de a chrann‐fìge fhèin; agus òladh gach fear uisge a thobair fhèin;
17
Gus an tig mise agus gun toir mi sibh gu tìr cosmhail ri ur tìr fhèin; tìr arbhair agus fìona, tìr arain agus fhìonliosan.
18
Thugaibh an aire nach cuir Heseciah impidh oirbh, ag ràdh, Tèarnaidh an Tighearna sinn. An do theasairg diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria?
19
Càit a bheil diathan Hamait agus Arphaid? Càit a bheil diathan Shepharbhaim? An do theasairg iad Samaria as mo làimh‐sa?
20
Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan seo a theasairg an tìr fhèin as mo làimh‐sa, gun teasairgeadh an Tighearna Ierusalem as mo làimh?
21
Ach dh’fhan iad nan tosd, agus cha tug iad facal freagraidh air; oir b’i àithne an rìgh, Na tugaibh freagradh air.
22
An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanachaidh, gu Heseciah len aodach reubte, agus dh’innis iad dha briathran Rab‐saceh.
← Chapter 35
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 37 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66