bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 24
Isaiah 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 25 →
1
Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun‐os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd‐àiteachaidh.
2
Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana‑mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear‐reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe.
3
Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo.
4
Tha an tìr ri caoidh agus a’ seargadh; tha an saoghal air lagachadh agus a’ seargadh; tha uaislean na tìre air lagachadh.
5
Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd‐àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.
6
Air an adhbhar sin dh’ith mallachd suas an tìr, agus tha a luchd‐àiteachaidh air am fàsachadh; uime sin tha luchd‐àiteachaidh na tìre air an losgadh suas, agus is tearc an dream a dh’fhàgadh.
7
Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich.
8
Sguir fuaim aighearach nan tiompan; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich.
9
Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i.
10
Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach.
11
Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh.
12
Dh’fhàgadh lèir‐chreach anns a’ bhaile, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata.
13
Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn‐ola, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon‐fhogharaidh.
14
Togaidh iadsan an guth, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge.
15
Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.
16
O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh.
17
Tha an t‑uamhas, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir‐àiteachaidh na tìre.
18
Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil‐dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh.
19
Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh.
20
Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan‐tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.
21
Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh.
22
Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad.
23
An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66