bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 45
Isaiah 45
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 44
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 46 →
1
Mar seo deir an Tighearna ra aon ungte, ri Cìrus air a bheil greim agam air a làimh dheis, a cheannsachadh chinneach roimhe, agus fuasglaidh mi leasraidh rìghrean; a dh’fhosgladh nan còmhlach roimhe, agus cha bhi na geatachan air an druideadh;
2
Thèid mise romhad, agus nì mi na slighean fiara dìreach; na còmhlaichean umha spealgaidh mi, agus na croinn iarainn brisidh mi nam bloighdean.
3
Agus bheir mi dhut ionmhasan an dorchadais, agus taisgeachan nan ionadan diamhair; a‑chum gum bi fhios agad gur mise an Tighearna, a ghairm thu air d’ainm, Dia Israeil.
4
Air sgàth Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi, ghairm mi eadhon air d’ainm thu; thug mi sloinneadh ort, agus thu aineolach orm.
5
Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm.
6
A chum gum bi fhios aca o èirigh na grèine agus on iar, nach eil ann ach mi. Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
7
Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.
8
Silibh, O nèamhan, on àird, agus frasadh na neòil a‑nuas fìreantachd; fosgladh an talamh, agus gineadh iad slàinte, agus fàsadh fìreantachd a‑nìos maraon; is mise an Tighearna a chruthaich e.
9
Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige‐chreadha ri fear‐deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris‐san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?
10
Is an‑aoibhinn dhàsan a their ra athair, Ciod a tha thu a’ gintinn? No ra mhàthair, Ciod tha thu a’ breith?
11
Mar seo deir an Tighearna, Tì naomh Israeil, agus esan a dhealbh e, Feòraichibh dhìom nithean ri teachd, mu thimcheall mo chloinne; agus iarraibh orm a‑thaobh obraichean mo làmh.
12
Is mise a rinn an talamh, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne.
13
Thog mi esan suas ann am fìreantachd, agus nì mi dìreach a uile shlighean; togaidh e mo chathair, agus fuasglaidh e mo bhraighdean; chan ann airson luach, no airson duaise, deir Tighearna nan sluagh.
14
Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia; agus chan eil Dia eile ann.
15
Gu deimhinn is Dia thusa a tha gad fhalach fhèin, O Dhè Israeil, an Slànaighear.
16
Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, an t‑iomlan dhiubh; cuirear iad maraon gu amhluadh, a tha nan luchd‐dèanamh iodhalan.
17
Ach saorar Israel anns an Tighearna le saorsa shìorraidh; cha nàraichear sibh, cha mhò a mhaslaichear sibh, feadh linn na sìorraidheachd.
18
Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
19
Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.
20
Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.
21
Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart agus Slànaighear; chan eil ann ach mi.
22
Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.
23
Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.
24
Gu cinnteach, their neach, anns an Tighearna tha agam fìreantachd agus neart; da ionnsaigh‐san thig iad; bidh iadsan uile air an nàrachadh air a bheil corraich na aghaidh.
25
Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.
← Chapter 44
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 46 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66