bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 51
Isaiah 51
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 50
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 52 →
1
Eisdibh rium, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh.
2
Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e.
3
Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith‐buidheachais agus fonn ciùil.
4
Eisdibh rium, O mo shluagh; agus thugaibh aire dhomh, O mo chinneach; oir thig reachd a‑mach uam, agus foillsichidh mi mo bhreitheanais a‑chum solais do na slòigh.
5
Tha m’fhìreantachd am fagas, tha mo shlàinte air dol a mach, agus nì mo ghàirdean breitheanas air na fineachan; feithidh na h‑eileanan rium, agus ann am ghàirdean cuiridh iad an dòchas.
6
Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd‐àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte‐sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl.
7
Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh.
8
Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd‐sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean.
9
Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?
10
Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis?
11
Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith‐bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.
12
Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?
13
Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor‐eagal ort gach là, airson corraich an fhir‐shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir‐shàrachaidh?
14
Tha an ciomach a’ dèanamh deifir gu bhith air fhuasgladh, a‑chum nach faigh e bàs anns an t‑sloc, agus nach fàilnich aran.
15
Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.
16
Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.
17
Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball‐chrith.
18
Chan eil fear‐stiùraidh aice, am measg nan uile mhac a rug i; chan eil aon a ghlacas air làimh i, am measg nan uile mhac a dh’altraim i.
19
Thachair an dà nì seo dhut; cò a nì caoidh air do shon? Creachadh agus milleadh, a’ ghort, agus an claidheamh; cò a bheir dhut comhfhurtachd?
20
Tha do mhic air fannachadh, tha iad air tuiteam sìos aig ceann gach sràide, mar tharbh fiadhaich ann an lìon; lìonadh iad làn de chorraich an Tighearna, de achmhasan do Dhè.
21
Air an adhbhar sin, cluinn seo a‑nis, O thusa a tha fo àmhghar, agus air mhisg, ach chan ann le fìon:
22
Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball‐chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò:
23
Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd‐sàrachaidh, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad.
← Chapter 50
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 52 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66