bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 64
Isaiah 64
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 63
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 65 →
1
O gun reubadh tu o chèile na nèamhan, gun tigeadh tu a‑nuas, gun sruthadh na slèibhtean sìos ann ad làthair;
2
Mar a loisgeas an teine‐leaghaidh, mar a chuireas an teine goil air uisge; a‑chum d’ainm a dhèanamh aithnichte dod naimhdean, gun criothnaicheadh na cinnich ann ad fhianais!
3
Nuair a rinn thu nithean iongantach ris nach robh sùil againn, thàinig thu a‑nuas; ann ad làthair shruth na slèibhtean sìos.
4
Oir riamh cha chuala daoine, cha d’fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air.
5
Tha thu a’ teachd an còdhail an tì a tha a’ gabhail tlachd ann an ceartas a dhèanamh; a’ mhuinntir a tha cuimhneach ortsa ann ad shlighean: feuch, tha corraich ort, oir pheacaich sinne; eadhon riùsan o shean, ach tha sinn air ar tèarnadh;
6
Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.
7
Agus chan eil aon neach ann a tha a’ gairm air d’ainm, a tha ga dhùsgadh fhèin suas a dhèanamh greim ort; oir dh’fhalaich thu do ghnùis uainn, agus chlaoidh thu sinn airson ar n‑euceartan.
8
Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear‐deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.
9
Na biodh corraich ro‑gheur ort, a Thighearna, agus na cuimhnich aingidheachd gu bràth; feuch, amhairc, guidheamaid ort, is sinne uile do shluagh.
10
Dh’fhàs do bhailtean naomha nam fàsach; tha Sion na fàsach; tha Ierusalem faondrach.
11
Tha ar taigh naomh agus àlainn, anns an tug ar n‑athraichean moladh dhut, air a losgadh le teine; agus tha ar n‑uile nithean tlachdmhor air an lèirsgrios.
12
An cùm thu ort fhèin airson nan nithean sin, a Thighearna? Am bi thu ad thosd, agus an cràidh thu sinn gu goirt?
← Chapter 63
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 65 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66