bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 61
Isaiah 61
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 60
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 62 →
1
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
2
A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn;
3
A dh’òrdachadh do luchd‐caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
4
Agus togaidh iad suas na seann làraichean, càraichidh iad ri chèile na h‑ionadan sgaoilte o chian; ath‐nuadhaichidh iad na cathraichean briste, ionadan fàsaichte nan iomadh linn.
5
Agus seasaidh coigrich suas, agus beathaichidh iad ur treudan; agus bidh mic a’ choigrich nan treabhaichean dhuibh, agus nan luchd‐saothrachaidh na fìonain.
6
Ach goirear dhibhse Sagartan an Tighearna; Luchd‐frithealaidh ar Dè‑ne theirear ribh; saoibhreas nan cinneach ithidh sibh, agus nan glòir nì sibh uaill.
7
An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh.
8
Oir is mise an Tighearna, leis an ionmhainn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais‐loisgte; agus cuiridh mi air a h‑aghaidh an obair ann am fìrinn; agus coicheangal sìorraidh nì mi riu.
9
Agus aithnichear an sliochd am measg nan cinneach, agus an gineal am measg nan sluagh; na h‑uile a chì iad, aidichidh iad gur sliochd iad a bheannaich an Tighearna.
10
Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear‐bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean‐bainnse i fhèin le a seudan.
11
Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach.
← Chapter 60
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 62 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66