bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 29
Isaiah 29
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 30 →
1
Mo thruaighe Ariel, Ariel, am baile anns an do chòmhnaich Daibhidh; cuiribh bliadhna ri bliadhna; marbhadh iad ìobairtean.
2
Gidheadh teannaichidh mise Ariel, agus bidh caoidh agus bròn ann; agus bidh e dhòmhsa mar Ariel.
3
Agus campaichidh mi ad aghaidh mun cuairt; agus teannaichidh mi thu le tòrr: agus togaidh mi daingnichean ad aghaidh.
4
Agus bheirear a‑nuas thu, agus labhraidh tu as an talamh, agus bidh do chainnt ìosal as an duslach; agus thig do ghuth a‑mach as an talamh, mar fhiosaiche, agus nì do chainnt borbhanaich as an duslach.
5
Agus mar an dus mìn bidh mòr‐bhuidheann do choigreach, agus bidh mòr‐bhuidheann nan uamhasach mar am moll luaineach; agus tàrlaidh e ann an tiota, gu h‑obann.
6
Smachdaichear thu le Tighearna nan sluagh, le tàirneanaich, agus le crith‐thalmhainn, agus le treun ghuth, le stoirm agus doininn, agus lasair theine chaithtich.
7
Agus amhail bruadar, aisling na h‑oidhche, bidh mòr‐shluagh nan uile chinneach, eadhon na h‑uile a tha a’ cogadh rithe fhèin, agus ri a daingneach, agus a tha ga teannachadh.
8
Agus amhail duine acrach a chì aisling, agus, feuch, tha e ag ithe, ach air dùsgadh dha, tha a anam cìocrach; agus amhail duine tartmhor a chì aisling, agus, feuch, tha e ag òl, ach air dùsgadh dha, feuch, tha e fann agus anam a’ miannachadh; mar sin tàrlaidh do mhòr‐chuideachd nan uile chinneach a tha a’ cogadh an aghaidh sliabh Shioin.
9
Stadaibh, agus gabhaibh iongantas; seallaibh mun cuairt le ioghnadh, agus amhaircibh; tha iad air mhisg, ach chan ann le fìon; tha iad a’ call nan cas, ach chan ann le dibh làidir.
10
Oir dhòirt an Tighearna oirbh spiorad suaine; agus dhruid e suas ur sùilean; air na fàidhean agus ur luchd‐riaghlaidh, agus air an luchd‐seallaidh chuir e còmhdach.
11
Agus tha an taisbeanadh uile dhuibhse, mar bhriathran leabhair air a ghlasadh suas a bheir iad do neach aig a bheil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo, guidheamaid ort; agus their esan, Chan urrainn mi, oir tha e glaiste suas.
12
Agus bheirear an leabhar do neach aig nach eil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo guidheam ort; agus their esan, Chan eil fòghlam agam.
13
Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;
14
Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.
15
Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh an comhairle fhalach gu domhain on Tighearna; aig a bheil an gnìomharan anns an dorchadas, agus a tha ag ràdh, Cò a tha gar faicinn? Cò aig a bheil fhios oirnn?
16
Gu cinnteach measar ur n‑ais‐innleachdan mar chriadh a’ chreadhadair; an abair an obair mun obraiche, Cha do rinn e mi? Agus an abair an nì a dhealbhadh mun neach a dhealbh e, Cha robh tuigse aige?
17
Nach tamall ro‑bheag fòs gus an dèanar Lebanon na fhearann torrach, agus gus am measar am fearann torrach mar fhrìth?
18
Agus anns an là sin cluinnidh na bodhair briathran an leabhair; agus as an dubhar agus as an dorchadas gheibh sùilean nan dall an lèirsinn.
19
Meudaichidh fòs na daoine sèimhe an aoibhneas anns an Tighearna; agus nì na bochdan am measg dhaoine gàirdeachas ann an Tì naomh Israeil.
20
Oir dh’fhàilnich an t‑uamhasach, agus thàinig crìoch air an fhear‐fhochaid; agus ghearradh as iadsan uile a bha furachair a‑chum aingidheachd;
21
A nì duine na pheacach airson facail; a tha a’ leagadh ribe air a shon‐san a tha a’ tagradh anns a’ gheata; agus a tha a’ tionndadh an ionracain a lethtaobh airson nì nach fiù.
22
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, esan a shaor Abrahàm, mu thimcheall taigh Iàcoib, Cha nàraichear Iàcob, agus cha bhi a aghaidh a‑nis fo amhluadh.
23
Ach nuair a chì e a chlann, obair mo làmh‐sa, na mheadhon, naomhaichidh iad m’ainm, agus naomhaichidh iad Tì naomh Iàcoib, agus bidh eagal orra ro Dhia Israeil.
24
Tuigidh iadsan fòs, a chaidh am mearachd ann an spiorad, fìor eòlas; agus fòghlamaidh iadsan a bha ri borbhanaich teagasg.
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 30 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66