bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 59
Isaiah 59
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 58
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 60 →
1
Feuch, chan eil làmh an Tighearna air dol an giorrad, air chor is nach faod i tèarnadh; cha mhò a tha a chluas air fàs mall, air chor is nach faod i cluinntinn.
2
Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e.
3
Oir tha ur làmhan air an truailleadh le fuil, agus ur meòir le euceart; labhair ur bilean cealg; bidh ur teanga a’ teachd air aimhleas.
4
Chan eil neach a’ gairm air ceartas, chan eil neach a’ tagradh airson na fìrinn; tha iad a’ cur an dòigh ann an dìomhanas, agus a’ labhairt bhreug: air thorrachas le aimhleas, agus a’ breith euceirt.
5
Tha iad a’ gur air uighean na rìgh‐nathrach, agus a’ fighe lìon an damhain‐allaidh; esan a dh’itheas den uighean, gheibh e bàs; agus nuair a bhruthar e, brisidh nathair nimhe a‑mach.
6
Den lìontan cha dèanar trusgan; cha mhò a chòmhdaicheas iad iad fhèin len obraichean; an obraichean is obraichean na h‑eucorach iad; agus tha gnìomh an fhòirneirt nan làmhan.
7
Tha an cas a’ ruith a‑chum uilc, agus tha iad a’ greasadh a‑chum fuil neo‐chiontach a dhòrtadh; is innleachdan aingidheachd an innleachdan; tha lèirsgrios agus milleadh nan ceuman.
8
Slighe na sìth chan aithne dhaibh, cha mhò a tha ceart‐bhreith nan ròidean; rinn iad dhaibh fhèin ceuman cama; cò air bith a shiùbhlas annta, chan aithne dha sìth.
9
Air an adhbhar sin tha breitheanas fada uainn, agus chan eil ceartas a’ breith oirnn; tha sinn ag amharc airson solais, ach feuch dorchadas; airson soilleireachd, ach tha sinn a’ gluasad ann an duibhre.
10
Tha sinn a’ smeurachadh, mar na doill, ag iarraidh a’ bhalla; agus mar mhuinntir gun fhradharc tha sinn a’ smeurachadh; tha sinn a’ tuisleachadh mu mheadhon‐là, mar anns an dùbhradh; tha sinn ann an ionadan uaigneach mar dhaoine marbha.
11
Tha sinn a’ bùirich mar mhath‐ghamhna; mar chalamain tha sinn ri sìor‐chaoirean; tha ar sùil ri breitheanas, ach chan eil e ann; ri fuasgladh, ach is ann a tha e fada uainn.
12
Oir tha ar lochdan air fàs lìonmhor ann ad làthair, agus tha ar ciontan a’ toirt fianais nar n‑aghaidh; oir tha ar lochdan nar cuideachd, agus ar n‑aingidheachd is lèir dhuinn;
13
Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe.
14
Agus tha breitheanas air tilleadh air ais, agus tha ceartas a’ seasamh fad as; oir thuislich an fhìrinn air an t‑sràid, agus cha b’urrainn ionracas teachd a‑steach.
15
Agus tha fìrinn air teicheadh air falbh; agus tha esan, a sheachnas an t‑olc, ga dhèanamh fhèin na chreich; agus chunnaic an Tighearna, agus mhì‐thaitinn e ris, nach robh breitheanas ann.
16
Agus chunnaic e nach robh fear ann, agus b’ioghnadh leis nach robh eadar‐mheadhonair ann; an sin dh’obraich a ghàirdean fhèin slàinte air a shon; agus a fhìreantachd fhèin, chùm i suas e.
17
Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd‐èideadh; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing.
18
A rèir an gnìomharan, mar sin bheir e ath‐dhìoladh; corraich da naimhdean, dìoghaltas da eascairdean; do na h‑eileanan ìocaidh e dìoghaltas.
19
Mar sin bheir iadsan on iar urram do ainm an Tighearna; agus iadsan o èirigh na grèine da ghlòir; nuair a thig an nàmhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh.
20
Agus thig am Fear‐saoraidh gu Sion, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob, deir an Tighearna.
21
Agus air mo shon‐sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.
← Chapter 58
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 60 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66