bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 23
Isaiah 23
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 24 →
1
Trom‐eallach Thìruis. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim dh’fhoillsicheadh dhaibh e.
2
Bithibh tosdach, a luchd‐àiteachaidh an eilein: lìonadh thu le ceannaichean Shìdoin, a tha a’ siubhal thar cuan.
3
Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd‐a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich.
4
Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean.
5
Mar a bha nuair a chualas sgeul mun Eiphit, mar sin bidh iad fo àmhghar ri cluinntinn sgeòil mu Thìrus.
6
Rachaibh a‑null gu Tarsis: dèanaibh caoineadh, a luchd‐àiteachaidh nan eilean.
7
An i seo ur cathair aoibhinn, aig a bheil a h‑aois o aimsir chèin? Giùlainidh a casan fhèin i fad as gu fantainn air chuairt.
8
Cò a ghabh a’ chomhairle seo an aghaidh Thìruis, a thug seachad coroin rìoghail, aig a bheil a ceannaichean nam prionnsachan; agus a luchd‐malairt nan daoine urramach na tìre?
9
Is e Tighearna nan sluagh a dh’òrdaich e, a chur smala air uabhar gach uile ghlòire, agus a thabhairt uile uaislean na tìre fo dhìmeas.
10
Ruith thairis air d’fhearann mar abhainn, O nighean Tharsis; chan eil neart ann nas mò.
11
Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rìoghachdan; thug an Tighearna àithne an aghaidh na cathrach a tha na ceannaiche, a‑chum a daingnichean làidir a sgrios.
12
Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.
13
Feuch tìr nan Caldèanach; cha robh an sluagh seo ann gus an do shuidhich an t‑Asirianach i airson luchd‐àiteachaidh an fhàsaich; thog iad a baidealan, chuir iad suas a lùchairtean; agus rinn e a sgrios.
14
Guilibh gu h‑àrd, a longan Tharsis; oir sgriosadh ur neart.
15
Agus tàrlaidh anns an là sin gun leigear air dearmad Tìrus deich agus trì‐fichead bliadhna, a rèir làithean aon rìgh; an ceann deich agus trì‐fichead bliadhna, seinnidh Tìrus mar strìopaich.
16
Glac do chlàrsach, cuartaich am baile, a strìopach a bha air do dhearmad; dèan ceòl gu binn; seinn iomadh òran, a‑chum gun cuimhnichear a‑rìs thu.
17
Agus an ceann deich agus trì‐fichead bliadhna, thig an Tighearna a dh’amharc Thìruis; agus tillidh i a‑chum a cosnaidh; agus nì i strìopachas le uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn.
18
Agus bidh a malairt agus a buannachd naomh don Tighearna; cha taisgear suas e, agus cha ghleidhear gu tèarainte; oir bidh a malairt airson na muinntir a tha a chòmhnaidh am fianais an Tighearna, airson lòin a shàsaicheas, agus airson aodaich a mhaireas.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66