bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 47
Isaiah 47
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 46
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 48 →
1
Thig a‑nuas agus dèan suidhe anns an duslach, òigh‐nighean Bhàbiloin; suidh air an làr, chan eil rìgh‐chathair ann, a nighean nan Caldèanach; oir cha ghoir iad maoth agus mùirneach dhìot nas mò.
2
Gabh na clachan‐muilinn agus bleith min; leig ris do chiabhan, rùisg do throigh, leig ris do chas, imich tro na h‑aibhnichean.
3
Leigear ris do lomnochdaidh, chìthear eadhon do nàire; nì mi dìoghaltas, cha choinnich mi thu mar dhuine.
4
Ar fear‐saoraidh, is e Tighearna nan sluagh as ainm dha, Tì naomh Israeil.
5
Suidh ad thosd, rach a‑steach ann an dorchadas, O nighean nan Caldèanach; oir chan abrar riut nas mò baintighearna nan rìoghachdan.
6
Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.
7
Agus thubhairt thu, Bidh mi am bhaintighearna gu sìorraidh; air chor is nach do leag thu d’aire air na nithean seo! Cha do chuimhnich thu a’ chrìoch dheireannach.
8
Uime sin cluinn seo a‑nis, a bhean shòghmhor, a tha ad shuidhe gun umhail; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi; cha suidh mi am bhantraich, chan aithnich mi call cloinne.
9
Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan.
10
Oir dh’earb thu à d’aingidheachd; thubhairt thu, Chan eil neach gam fhaicinn; chuir eadhon do ghliocas agus d’eòlas air seachran thu; air chor is gun dubhairt thu ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi.
11
Uime sin thig olc ort, nach bi fhios agad cia as a dh’èirich e; agus tuitidh aimhleas ort, nach bi thu comasach air a thionndadh uat; agus thig lèirsgrios ort gu h‑obann, gun thu ga mhothachadh.
12
Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh.
13
Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd‐amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.
14
Feuch, bidh iad mar asbhuain, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris.
15
Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach fhèin; cha bhi d’fhear‐tèarnaidh ann.
← Chapter 46
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 48 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66