bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 33
Isaiah 33
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 34 →
1
Is an‑aoibhinn dhutsa, a chreachadair, nach robh air do chreachadh thu fhèin; agus fhir na foill, ris nach do bhuin iad gu fealltach: nuair a sguireas tu de chreachadh, creachar thu; agus nuair a bheir thu thairis a bhith ri foill, buinidh iad gu fealltach riut.
2
O Thighearna, dèan tròcair oirnn; ortsa tha sinn a’ feitheamh; bi thusa ad ghàirdean dhaibh gach madainn; ar slàinte fòs ri àm na h‑airce.
3
O ghuth a’ bhuaireis theich na slòigh; nuair a thog thu suas thu fhèin, sgapadh na cinnich.
4
Agus cruinnichear ur creach mar a chruinnicheas am burras: mar shiubhal nan lòcast, thig e orra.
5
Tha an Tighearna air àrdachadh; seadh, tha a chòmhnaidh gu h‑àrd; lìon e Sion le breitheanas agus ceartas.
6
Agus bidh slàinte làidir, gliocas, agus eòlas, nan daingneachadh dod linn; tha eagal an Tighearna na ionmhas dha.
7
Feuch, togaidh na daoine cumhachdach gaoir an taobh a‑muigh; guilidh teachdairean na sìthe gu goirt.
8
Tha na ròidean mòra fàsail, dh’fhalbh am fear‐turais; bhris e an coicheangal, chuir e cùl ris na cathraichean, chan eil meas aige air duine.
9
Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.
10
A‑nis èiridh mi, deir an Tighearna; a‑nis àrdaichear mi; a‑nis togaidh mi suas mi fhèin.
11
Bidh sibh torrach air moll: beiridh sibh asbhuain; nì ur n‑anail, mar theine, ur caitheamh.
12
Agus bidh na slòigh mar aol air a losgadh; mar dhroigheann air a ghearradh sìos, loisgear iad anns an teine.
13
Cluinnibh, O sibhse tha fad as, an nì a rinn mi; agus sibhse tha dlùth, aidichibh mo chumhachd.
14
Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh?
15
Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc;
16
Bidh a chòmhnaidh‐san anns na h‑ionadan àrda; bidh daingnichean nan creag nan dìdean dha; bheirear aran dha; mairidh uisge gu cinnteach aige.
17
Seallaidh do shùilean air an Rìgh na mhaise; chì iad an tìr cian fad as.
18
Smaoinichidh do chridhe air uamhann. Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil am fear‐tomhais? Càit a bheil esan a ghabh àireamh nan daingnichean?
19
Chan fhaic thu sluagh borb; luchd na cainnte domhain, nach b’urrainn thu a chluinntinn; luchd na teanga manntaich, nach b’urrainn thu a thuigsinn.
20
Amhairc air Sion, cathair ar n‑àrd fhèillean; chì do shùilean Ierusalem na còmhnaidh fhoisdinnich, na pàillean nach atharraichear; cha ghluaisear aon de a chuaillean gu bràth, cha mhò a bhrisear aon da chùird.
21
Ach ann an sin bidh an Tighearna glòrmhor dhuinne na ionad aibhnichean agus shruthan leathann; cha siubhail soitheach ràmhach ann; cha mhò a thèid long ghreadhnach troimhe.
22
Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear‐tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.
23
Tha do chùird fuasgailte; cha b’urrainn iad an crann a ro‑dhaingneachadh; cha b’urrainn iad an seòl a sgaoileadh; an sin tha creach phailt air a roinn; ghlac am bacach a’ chobhartach.
24
Agus chan abair am fear‐àiteachaidh, Tha mi tinn: gheibh an sluagh a tha a chòmhnaidh an sin maitheanas nan aingidheachd.
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 34 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66