bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 57
Isaiah 57
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 56
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 58 →
1
Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd.
2
Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh.
3
Ach thigibh‐se am fagas an seo, a mhaca na ban‐fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.
4
Cò da bheil sibh a’ dèanamh àbhachd? Ris a bheil sibh a’ dèanamh beòil fharsaing, agus a’ sìneadh a‑mach na teangaidh? Nach clann sibh a chlaon a lethtaobh, sìol na foill?
5
A’ fadadh ur n‑ana‑miann le iodhalan fo gach crann uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn, fo sgoltan nan creag.
6
Am measg mìn‐chlachan a’ ghlinne tha do chuibhreann: is iad sin, is iad sin do chrannchur; eadhon dhaibh seo dhòirt thu a‑mach tabhartas‐dibhe, dh’ìobair thu tìodhlac. An gabhainn‐sa tlachd annta sin?
7
Air sliabh cruachach àrd shuidhich thu do leabaidh; eadhon don àite sin chaidh thu suas a thoirt seachad ìobairt.
8
Air cùl an dorais agus na h‑ursainn chuir thu suas do chuimhneachan; dh’imich thu air falbh uamsa, agus chaidh thu suas; leudaich thu do leabaidh, agus rinn thu coicheangal riu; thug thu gràdh don leabaidh‐san, ge bè àite anns am faca tu i.
9
Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola‑ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.
10
Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu.
11
Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham?
12
Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut.
13
Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh.
14
An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap‐tuislidh à rathad mo shluaigh.
15
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite‐còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham‐sa còmhnaidh; maille ris‐san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
16
Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.
17
Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.
18
Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd‐bròin.
19
Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.
20
Ach tha na h‑aingidh cosmhail ris a’ mhuir bhuairte, oir chan urrainn i a bhith aig fois, ach tha a h‑uisgeachan a’ dùsgadh a‑nìos salchair agus làthaich.
21
Chan eil sìth, deir mo Dhia, do na h‑aingidh.
← Chapter 56
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 58 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66