bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 14
Isaiah 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 15 →
1
Oir nì an Tighearna iochd air Iàcob, agus roghnaichidh e fhathast Israel, agus suidhichidh e iad nam fearann fhèin; agus bidh an coigreach air a cheangal riu, agus dlùth‐leanaidh iad ri taigh Iàcoib.
2
Agus gabhaidh na cinnich iad, agus bheir iad gu an àite fhèin iad, agus dealbhaichidh taigh Israeil iad ann am fearann an Tighearna, mar òglaich agus mar bhanoglaich; agus nì iad braighdean dhiubhsan aig an robh iad nam braighdean; agus riaghlaidh iad os cionn na muinntir a bha gan sàrachadh.
3
Agus tàrlaidh, anns an là anns an tabhair an Tighearna dhut fois od àmhghair, agus od mhì‐shuaimhneas, agus on daorsa chruaidh a leagadh ort,
4
Gun tog thu an fhàistneachd seo an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus their thu, Cionnas a sguir am fear‐sàrachaidh! Cionnas a sguir ise a bha sgeadaichte le òr!
5
Bhris an Tighearna lorg nan aingidh, slat rìoghail an luchd‐riaghlaidh.
6
Esan a bhuail na slòigh ann am feirg, le buille gun sgur; esan a thug fo ghèill na cinnich ann an corraich; tha e air a dhian‐ruagadh, gun neach a’ bacadh.
7
Tha an talamh uile aig fois, agus ann an suaimhneas; tha iad a’ togail iolaich.
8
Tha na croinn‐ghiuthais fhèin ri gàirdeachas tharad, agus croinn‐sheudair Lebanoin ag ràdh, On uair a thuit thusa, cha tàinig fear‐gearraidh a‑nìos nar n‑aghaidh‐ne.
9
Tha ionad nam marbh air gluasad shìos air do shon, gud choinneachadh aig do theachd; tha e a’ dùsgadh nam marbh air do shon, uile dhaoine mòra na talmhainn; tha e a’ toirt air uile rìghrean nan cinneach èirigh suas on cathraichean.
10
Labhraidh gach aon dhiubh, agus their iad riut, A bheil thusa fòs air fàs lag mar sinne? An do rinneadh thu cosmhail rinne?
11
Tha d’uabhar air a thoirt a‑nuas a‑chum na h‑uaighe, agus fuaim d’innealan‐ciùil; tha a’ chnuimh air a sgaoileadh fodhad, agus is iad na cnuimheagan do chòmhdachadh.
12
Cionnas a tha thu air tuiteam o nèamh, a reul dhealrach, a mhic na maidne! Cionnas a bha thu air do ghearradh sìos gu làr, thusa a thug fo ghèill na cinnich!
13
Is ann a thubhairt thu ann ad chridhe, Thèid mi suas a‑chum nan nèamhan, os cionn reultan Dhè àrdaichidh mi mo rìgh‐chathair; agus suidhidh mi air sliabh a’ cho‐chruinneachaidh, air taobh na h‑àird a tuath.
14
Thèid mi suas os cionn àirde nan neul: bidh mi cosmhail ris an Tì as àirde.
15
Ach bheirear a‑nuas thu a‑chum na h‑uaighe, gu taobhan an t‑sluic.
16
Iadsan a chì thu, amhaircidh iad gu geur ort, gabhaidh iad beachd dhìot: An e seo, their iad, am fear a thug air an talamh criothnachadh, a chuir rìoghachdan air chrith,
17
A rinn an saoghal mar fhàsach, agus a leag sìos a bhailtean; nach d’fhosgail am prìosan da bhraighdean?
18
Tha uile rìghrean nan cinneach, an t‑iomlan dhiubh, a’ laighe sìos ann an greadhnachas, gach aon na fhàrdaich fhèin.
19
Ach tha thusa air do thilgeadh a‑mach as an uaigh, mar ghèig ghràineil, mar thrusgan nan daoine a mharbhadh, a thro‐lotadh leis a’ chlaidheamh a chaidh sìos do chlachan an t‑sluic; mar chlosaich air a saltairt fo chasan.
20
Chan adhlaicear thu nan co‑chuideachd‐san, a chionn gun do sgrios thu do dhùthaich, gun do mharbh thu do dhaoine: cha bhi iomradh gu bràth air sliochd dhroch dhaoine.
21
Ullaichibh àr airson a chloinne, airson aingidheachd an athraichean: a‑chum nach èirich iad, agus nach sealbhaich iad an talamh, agus nach lìon iad aghaidh an domhain le bailtean.
22
Oir èiridh mise nan aghaidh, deir Tighearna nan sluagh, agus gearraidh mi as o Bhàbilon an t‑ainm agus an t‑iarmad, agus am mac agus an t‑ogha, deir an Tighearna.
23
Agus nì mi e na sheilbh don ghràineig, agus na phollan uisge; agus sguabaidh mi e le sguaib an lèirsgrios, deir Tighearna nan sluagh.
24
Mhionnaich Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Gu cinnteach mar a dhealbh mise, mar sin tàrlaidh; agus mar a chuir mi romham, bidh sin air bhuil;
25
A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh, agus togar a eallach bhàrr an guaille.
26
Seo a’ chomhairle a tha air a suidheachadh mun talamh uile; agus seo an làmh a tha sìnte a‑mach thar nan uile chinneach.
27
Oir shònraich Tighearna nan sluagh a’ chomhairle, agus cò a bhacas? Agus is i a làmh‐san a tha sìnte mach, agus cò a thilleas air a h‑ais i?
28
Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Ahas bàs, bha an trom‐eallach seo.
29
Na dèan‐sa gàirdeachas, O uile Phalistìna, a chionn gun do bhriseadh slat an fhir a bha gad bhualadh: oir o fhreumh na nathrach thig a‑mach rìgh‐nathair, agus is toradh dhi nathair theinnteach itealach.
30
Agus beathaichear ciad‐ghin nam bochd, agus laighidh an t‑ainnis sìos ann an tèarainteachd; agus marbhaidh mi do fhreumh‐sa le gorta, agus d’iarmad cuiridh e gu bàs.
31
Nuallaich, O gheata; èigh, O chathair; O Phalistìna, tha thu uile air do leaghadh as; oir on àird a tuath thig deatach, agus cha bhi neach aonaranach na thràthan suidhichte.
32
Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66