bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 54
Isaiah 54
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 53
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 55 →
1
Seinn, a bhean aimrid nach do rug clann; seinn gu luath‐ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna.
2
Leudaich ionad do phàillein, agus sgaoileadh iad a‑mach bratan‐còmhdaich do bhùthan; na caomhain, leig am fad do chùird, agus daingnich do chuaillean:
3
Oir air an làimh dheis agus chlì brisidh tu a‑mach; agus sealbhaichidh do shliochd na cinnich, agus àitichidh iad na cathraichean fàsail.
4
Na gabh eagal, oir cha mhaslaichear thu; na gabh nàire, oir cha chuirear thu gu amhluadh; oir dìochuimhnichidh tu nàire d’òige, agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu nas mò.
5
Oir is e d’fhear‐pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.
6
Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna.
7
Rè tiota bhig, dhealaich mi riut; ach le mòr iochd cruinnichidh mi thu.
8
Ann an corraich bhig dh’fhalaich mi mo ghnùis car tiota uat; ach le coibhneas sìorraidh nì mi tròcair ort, deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh.
9
Oir tha seo mar uisgeachan Nòah dhomh; mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeachan Nòah tuilleadh thar an talamh, is amhail a mhionnaich mi nach bithinn ann an corraich riut, agus nach toirinn achmhasan dhut.
10
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
11
O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir.
12
Agus nì mi d’uinneagan de chlachan rùbi, agus do gheatachan de charbuncalan, agus d’uile iomall de chlachan rìomhach.
13
Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.
14
Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut.
15
Feuch, bidh cruinneachadh gu deimhinn ann, ach chan ann leamsa; cò sam bith a chruinnicheas ad aghaidh, tuitidh e air do sgàth.
16
Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs.
17
Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.
← Chapter 53
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 55 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66