bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 43
Isaiah 43
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 42
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 44 →
1
Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.
2
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
3
Oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’fhear‐saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad èirig; Etiopia agus Sèba air do shon.
4
A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.
5
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu:
6
Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn;
7
Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm‐sa; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e.
8
Thugaibh a‑mach iadsan a tha dall, agus sùilean aca; agus a tha bodhar, agus cluasan aca.
9
Cruinnichear na cinnich uile ri chèile, agus tionailear na slòigh; cò nam measg a dh’fhoillsicheas seo, agus a dh’innseas dhuinn na nithean air thoiseach? Thugadh iad an làthair am fianaisean, a‑chum gum bi iad air am fìreanachadh; no èisdeadh iad, agus aidicheadh iad, Tha sin fìor.
10
Is sibhse m’fhianaisean‐sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh.
11
Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann.
12
Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia.
13
Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e?
14
Mar seo deir an Tighearna, ur fear‐saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son‐se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn‐dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan.
15
Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh.
16
Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir;
17
A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart.
18
Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near.
19
Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh.
20
Bheir fiadh‐bheathach na machrach glòir dhomh; na dràgonan agus na cailleachan‐oidhche; a chionn gun tug mi uisgeachan anns an fhàsach, aibhnichean anns an dìthreabh, a‑chum deoch a thabhairt dom shluagh, dom mhuinntir thaghte.
21
An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù.
22
Gidheadh cha do ghairm thu orm, O Iàcoib; ach ghabh thu seirbhe dhìom, O Israeil.
23
Cha tug thu am ionnsaigh meanbh‐chrodh do thabhartas‐loisgte; cha mhò a thug thu urram dhomh led ìobairtean; cha do shàraich mi thu le tabhartas, cha mhò a sgìthich mi thu le tùis.
24
Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan.
25
Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.
26
Cuir am chuimhne, tagramaid ri chèile; cuir an cèill do chùis, a dh’fheuchainn an glan thu thu fhèin.
27
Pheacaich do chiad athair, agus chiontaich do luchd‐teagaisg am aghaidh:
28
Uime sin sgar mi a‑mach uachdarain an ionaid naoimh; agus thug mi thairis Iàcob a‑chum mallachaidh, agus Israel a‑chum maslaidh.
← Chapter 42
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 44 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66