bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 44
Isaiah 44
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 43
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 45 →
1
Ach a‑nis èisd, O Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi.
2
Mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, agus a dhealbh thu on bhroinn, agus a chuidicheas thu; Na biodh eagal ort, a Iàcoib m’òglach, agus a Iesuruin, a roghnaich mi;
3
Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.
4
Agus fàsaidh iad suas mar anns an fheur; mar gheugan seilich ri taobh nan sruth‐chlaisean.
5
Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.
6
Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear‐saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.
7
Agus cò, mar mise, a ghairmeas, agus a chuireas an cèill e, agus a chuireas an òrdagh dhomh e, on àm anns an do shuidhich mi an sluagh o shean? No a chuireas an cèill dhuinn na nithean a tha a’ teachd, agus a tha ri teachd.
8
Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.
9
Iadsan a nì dealbh snaidhte, is dìomhanas iad uile; agus nan nithean taitneach cha bhi tairbhe; agus tha iad nam fianaisean nan aghaidh fhèin, nach faic iad, agus nach tuig iad, a‑chum gum biodh iad air an nàrachadh.
10
Cò a dhealbh dia, no a thilg dealbh leaghte, anns nach eil tairbhe sam bith?
11
Feuch, bidh a chompanaich uile air an nàrachadh; agus an luchd‐obrach, is daoine iad: cruinnichear iad uile ri chèile, seasadh iad suas; bidh eagal orra, agus bidh iad air an nàrachadh le chèile.
12
Gearraidh an gobha mìr iarainn, obraichidh e e anns na h‑èibhlean, agus nì e a chumadh le ùird, agus caithidh e spionnadh a ghàirdein air; seadh, bidh e acrach, agus fàilnichidh a neart; chan òl e uisge, agus bidh e fann.
13
Sìnidh an saor a‑mach a riaghail, comharraichidh e e le dath; cuiridh e cumadh air leis an locair, agus sgèithidh e e leis a’ ghobhal‐roinn; agus dealbhaidh e e a rèir coslas fir, a rèir maise duine, a‑chum fantainn anns an fhàrdaich.
14
Gearraidh e sìos craobhan seudair dha fhèin agus gabhaidh e an giuthas agus an darach, a thaghas e dha fhèin am measg craobhan na frìthe; suidhichidh e crann‐uinsinn, agus altraimidh an t‑uisge e.
15
An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha.
16
Cuid dheth loisgidh e as an teine; le cuid eile dheth deasaichidh agus ithidh e feòil; ròstaidh e biadh, agus sàsaichear e; an sin garaidh e e fhèin, agus their e, Ahà, rinn mi mo gharadh; dh’aithnich mi an teine.
17
Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia.
18
Chan eil eòlas aca, cha mhò a tha tuigse aca; oir dhruid e an sùilean air chor is nach faic iad, agus an cridheachan air chor is nach tuig iad.
19
Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?
20
Tha e a’ teachd beò air luaithre; thug cridhe meallta air seachran e, air chor is nach toir e as a anam fhèin; cha mhò a their e, Nach eil breug ann am làimh dheis?
21
Cuimhnich na nithean seo, O Iàcoib; agus Israeil, oir is tu m’òglach; dhealbh mi thu, is òglach dhòmhsa thu; O Israeil, cha leig mise air dìochuimhn thu.
22
Dhubh mi as, mar neul, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu.
23
Seinnibh, O nèamhan, oir thug an Tighearna gu crìch; togaibh iolach, O dhoimhneachdan na talmhainn; brisibh a‑mach le ceileir, a shlèibhtean; O dhoire, agus gach craobh a tha ann; oir shaor an Tighearna Iàcob, agus ghlòraich e e fhèin ann an Israel.
24
Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;
25
A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;
26
A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:
27
A their ris an doimhne, Bi air do thiormachadh; agus tiormaichidh mi d’aibhnichean:
28
A their mu Chìrus, Is e mo bhuachaille; agus coileanaidh e m’uile thoil, ag ràdh ri Ierusalem, Togar thu; agus ris an teampall, Leagar do bhunait.
← Chapter 43
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 45 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66