bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 60
Isaiah 60
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 59
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 61 →
1
Eirich, dealraich; oir thàinig do sholas; agus tha glòir an Tighearna air èirigh ort.
2
Oir, feuch, còmhdaichidh dorchadas an talamh, agus dall‐cheò na cinnich; ach ortsa èiridh an Tighearna, chìthear a ghlòir a’ dealradh ort.
3
Agus thig cinnich a dh’ionnsaigh do sholais, agus rìghrean a dh’ionnsaigh do ghrian‐èirigh.
4
Tog suas do shùilean mun cuairt, agus faic; tha iad uile air an cruinneachadh ri chèile; tha iad a’ teachd ad ionnsaigh; thig do mhic o chèin, agus bidh do nigheanan air an giùlan air an leis.
5
An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr‐shluagh na fairge thugad, agus gun tig feachd nan cinneach ad ionnsaigh.
6
Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain agus Ephah; thig iad uile o Shèba; òr agus tùis giùlainidh iad, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill.
7
Cruinnichear ad ionnsaigh uile threudan Chedair; nì reitheachan Nebaioit frithealadh dhut; thèid iad suas, agus gabhar iad gu taitneach air m’altair; agus taigh mo ghlòire fhathast glòraichidh mi.
8
Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid‐tàimh?
9
Gu deimhinn feithidh na h‑eileanan rium, agus longan Tharsis air thoiseach; a thoirt do mhac o chèin, len airgead agus an òr maille riu; a‑chum ainm an Tighearna do Dhia, agus a‑chum Tì naomh Israeil, oir ghlòraich esan thu.
10
Agus togaidh mic a’ choigrich suas do bhallachan, agus frithealaidh an rìghrean dhut; oir ann am chorraich bhuail mi thu, ach ann am dheagh‐ghean nì mi iochd ort.
11
Agus bidh do gheatachan fosgailte an còmhnaidh; a là agus a dh’oidhche cha druidear iad; a‑chum gun toirear ad ionnsaigh mòr‐shluagh nan cinneach, agus an rìghrean le greadhnachas.
12
Oir an cinneach agus an rìoghachd nach dèan seirbhis dhut, bidh iad caillte; seadh, sgriosar na cinnich sin gu tur.
13
Thig glòir Lebanoin ad ionnsaigh, an giuthas, an gall‐ghiuthas, agus an crann‐bocsa le chèile; a chur maise air mo naomh‐ionad‐sa, agus a‑chum gun glòraichinn àite mo chas.
14
Agus thig mic do luchd‐sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.
15
An àite thu a bhith air do thrèigsinn, agus air d’fhuathachadh, air chor is nach do shiubhail aon neach tromhad, nì mi thu ad òirdhearcas sìorraidh, ad adhbhar‐gàirdeachais feadh linn nan linn.
16
Agus deoghlaidh tu bainne chinneach, agus cìoch rìghrean deoghlaidh tu; agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna do Shlànaighear; agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
17
Agus an àite umha, bheir mi òr; agus an àite iarainn, bheir mi airgead; agus an àite fiodha, umha; agus an àite chlach, iarann; agus nì mi do mhaoir nan sìth, agus do chìs‐mhaoir nan ceartas.
18
Cha chluinnear nas mò fòirneart ann ad fhearann, sgrios agus milleadh ann ad chrìochan; ach their thu Slàinte mar ainm rid bhallachan, agus Moladh rid gheatachan.
19
Cha bhi a’ ghrian agad nas fhaide mar sholas anns an là; cha mhò a bhios dealradh na gealaich gad shoillseachadh; ach bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus do Dhia na ghlòir agad.
20
Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin.
21
Agus bidh do shluagh uile nam fìreanan; sealbhaichidh iad am fearann gu sìorraidh; am meangan a shuidhich mi, obair mo làmh, a‑chum gum bi mi air mo ghlòrachadh.
22
Fàsaidh an aon bheag na mìle, agus an aon shuarach na cinneach làidir; luathaichidh mise Iehòbhah e na thràth.
← Chapter 59
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 61 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66