bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 49
Isaiah 49
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 48
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 50 →
1
Eisdibh, O eileanan, riumsa; agus thugaibh aire, a shlòigh, o chèin; on bhroinn ghairm an Tighearna mi; o chom mo mhàthar thug e luaidh air m’ainm.
2
Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte; thaisg e mi na dhòrlach.
3
Agus thubhairt e rium, Is tu m’òglach, O Israeil, anns am bi mi air mo ghlòrachadh.
4
Agus thubhairt mise, Shaothraich mi gu dìomhain; airson neoni, agus airson dìomhanais, chaith mi mo neart; ach gu cinnteach tha mo bhreith maille ris an Tighearna, agus m’obair maille rim Dhia.
5
Agus a‑nis mar seo deir an Tighearna, a dhealbh mi on bhroinn gu bhith am òglach dha, a thabhairt Iàcoib air ais da ionnsaigh, agus a‑chum gum bi Israel air a chruinneachadh thuige; uime sin bidh mi glòrmhor ann an sùilean an Tighearna, agus bidh mo Dhia na neart dhomh:
6
Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
7
Mar seo deir an Tighearna, fear‐saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris‐san a tha air a dhìmeas le daoine, ris‐san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd‐riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.
8
Mar seo deir an Tighearna, Ann an àm taitneach chuala mi thu, agus ann an là na slàinte chuidich mi thu; agus gleidhidh mi thu, agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh; a dhaingneachadh na tìre, agus a thabhairt air na h‑oighreachdan fàsail a bhith air an sealbhachadh;
9
A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.
10
Cha bhi acras no tart orra, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge.
11
Agus nì mi mo shlèibhtean uile nan slighe chòmhnaird, agus togar suas mo ròidean mòra.
12
Feuch, thig iad seo o chèin; agus, feuch, iad seo o thuath agus on iar; agus iad seo o thìr Shinim.
13
Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.
14
Ach thubhairt Sion, Thrèig an Tighearna mi, agus rinn mo Thighearna mo dhìochuimhneachadh.
15
An dìochuimhnich màthair a leanabh‐cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa.
16
Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.
17
Nì do chlann deifir; siùbhlaidh iadsan a‑mach asad, a bha gad sgrios agus gad chur fàs.
18
Tog suas do shùilean, agus faic; tha iad seo uile air an cruinneachadh ri chèile, tha iad a’ teachd ad ionnsaigh. Mar as beò mise, deir an Tighearna, sgeadaichidh tu thu fhèin leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar a nì bean‐bainnse a seudan.
19
Oir d’ionadan fàsail agus faondrach, agus fearann do lèirsgrios, eadhon a‑nis bidh e air a dhòmhlachadh le luchd‐àiteachaidh; agus siùbhlaidh iadsan fad air falbh a bha gad shlugadh suas.
20
Their a’ chlann, a sgaradh uat, fhathast ann ad chluasan, Tha an t‑ionad seo ro chumhang air mo shon; thoir àite dhomh a‑chum gun gabh mi còmhnaidh.
21
An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?
22
Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, togaidh mise mo làmh ris na cinnich, agus ris na slòigh cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad do mhic nan uchd, agus giùlainear do nigheanan air an guaillean.
23
Agus bidh rìghrean nan oideachan‐altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean‐altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.
24
An toirear a’ chreach on fhear làidir, no an leigear a’ chobhartach dhligheach as?
25
Ach mar seo deir an Tighearna, Bheirear eadhon cobhartach an fhir làidir uaithe, agus thèid creach an fhir uamhasaich as; oir gleacaidh mi ris‐san a ghleacas riut, agus do chlann tèarnaidh mi.
26
Agus bheir mi air do luchd‐sàrachaidh am feòil fhèin ithe; agus cuiridh mi air mhisg iad lem fuil fhèin, mar le fìon nuadh; agus bidh fhios aig gach uile fheòil gur mise an Tighearna do Shlànaighear, agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
← Chapter 48
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 50 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66