bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 63
Isaiah 63
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 62
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 64 →
1
Cò seo a tha a’ teachd o Edom, le culaidh dhathte o Bhosrah? E seo a tha sgiamhach na èideadh, a’ siubhal ann am mòrachd a neirt? Mise, a tha a’ labhairt ann am fìreantachd, cumhachdach gu tèarnadh.
2
Carson a tha d’èideadh dearg, agus do chulaidh mar neach a’ saltairt an amair‐fhìona?
3
Shaltair mi an t‑amar am aonar, agus de na slòigh cha robh aon neach maille rium; oir shaltair mi orra ann am fheirg, agus phronn mi iad ann am chorraich; agus chrathadh am fuil air mo chulaidh, agus tharraing mi sal air m’èideadh uile.
4
Oir bha là an dìoghaltais ann am chridhe, agus bha bliadhna mo mhuinntir shaorte air teachd.
5
Agus dh’amhairc mi, agus cha robh fear‐cuideachaidh ann; agus b’ioghnadh leam nach robh fear‐taice ann; uime sin dh’obraich mo ghàirdean fhèin slàinte dhomh, agus chùm mo chorraich fhèin taice rium.
6
Agus shaltair mi sìos na slòigh ann am fheirg, agus chuir mi air mhisg iad ann am chorraich, agus thug mi sìos an neart a‑chum an làir.
7
Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.
8
Oir thubhairt e, Gu deimhinn is iad mo shluagh, clann nach dèan breug; agus bha e na Shlànaighear dhaibh.
9
Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.
10
Ach rinn iadsan ceannairc, agus chuir iad doilgheas air a Spiorad naomh; air chor is gun d’fhàs e na nàmhaid dhaibh, agus chog e fhèin nan aghaidh.
11
An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth?
12
A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?
13
Gan stiùradh tron doimhne, mar each anns an fhàsach, ionnas nach tuislicheadh iad?
14
Mar a thèid an sprèidh sìos don ghleann, thug Spiorad an Tighearna orra fois a ghabhail: mar sin threòraich thu do shluagh, a dhèanamh ainm glòrmhoir dhut fhèin.
15
Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad‐còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?
16
Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear‐saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd.
17
Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.
18
Is beag an ùine a shealbhaich do shluagh naomh; shaltair ar naimhdean sìos do naomh‐ionad.
19
Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn‐san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.
← Chapter 62
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 64 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66