bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 40
Isaiah 40
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 39
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 41 →
1
Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh‐sa, deir ur Dia.
2
Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.
3
Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia‑ne.
4
Bidh gach gleann air àrdachadh, agus gach sliabh agus cnoc air ìsleachadh; agus nìthear an cam dìreach, agus na h‑ionadan garbha nan còmhnard rèidh.
5
Agus foillsichear glòir an Tighearna, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair.
6
Tha guth ag ràdh, Eigh; agus thubhairt mise, Ciod a dh’èigheas mi? Is feur gach uile fheòil, agus tha a h‑òirdheirceas uile mar bhlàth na machrach:
7
Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh, nuair a shèideas gaoth an Tighearna air; gu cinnteach is feur an sluagh.
8
Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh.
9
O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion, gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia!
10
Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais.
11
Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.
12
Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach‐tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh‐chothroim?
13
Cò a sheòl Spiorad an Tighearna, no mar aon de a chomhairle, a theagaisg e?
14
Cò ris a chuir e a chomhairle, agus cò a theagaisg e, agus a sheòl dha ceum a’ bhreitheanais, agus a dh’ionnsaich dha eòlas, agus a sheòl dha slighe na tuigse?
15
Feuch, tha na cinnich mar bhoinne an t‑soithich‐uisge; agus measar iad mar dhus mìn na slige‐tomhais: feuch, togaidh e suas na h‑eileanan mar smùirnean:
16
Agus cha leòr Lebanon gu a losgadh, agus cha leòr a bheathaichean airson ìobairt‐loisgte.
17
Tha na cinnich uile mar neoni na làthair‐san; tha iad air am meas leis mar fhìor neoni agus dìomhanas.
18
Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha?
19
Tilgidh am fear‐ceàirde dealbh snaidhte, agus cuiridh an t‑òr‑cheàrd thairis e le òr; agus nì e slabhraidhean airgid air a shon.
20
Am fear aig nach eil fiù tabhartais, taghaidh e mìr fiodha nach grod; iarraidh e a‑mach dha fhèin fear‐obrach seòlta, a chuireas an uidheam dealbh snaidhte nach tèid a ghluasad.
21
Nach d’fhuair sibh fios? Nach cuala sibh sgeul? Nach do chuireadh an cèill dhuibh o thùs? Nach do thuig sibh o leagadh bunaitean na talmhainn?
22
Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd‐àiteachaidh mar fhionnain‐fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh;
23
A tha a’ tabhairt phrionnsachan gu neoni, agus a’ dèanamh bhritheamhan nan dìomhanas.
24
Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt‐ghaoth air falbh iad mar asbhuain.
25
Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise, no a choimeasar mi? deir an Tì naomh.
26
Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.
27
Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia?
28
Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.
29
Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.
30
Fàsaidh na h‑òigfhir lag agus sgìth, agus tuitidh an òigridh thaghte gu làr;
31
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
← Chapter 39
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 41 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66