bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 26
Isaiah 26
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 27 →
1
Anns an là sin seinnear an dàn seo ann an tìr Iùdah: Tha againne cathair làidir; slàinte cuiridh e suas mar bhallachan agus mar dhaingneach.
2
Fosglaibh‐se na geatachan, a‑chum gun tèid an cinneach fìrinneach a‑steach, a choimheadas an fhìrinn.
3
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
4
Cuiribh‐se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.
5
Oir dh’ìslich e iadsan a bha a chòmhnaidh gu h‑àrd; a’ chathair àrd, thug e a‑nuas i; thug e a‑nuas i a‑chum an làir; thug e i eadhon a‑chum an duslaich.
6
Saltraidh a’ chas oirre, casan an fheumaich, ceuman nam bochdan.
7
Tha slighe an fhìrein ro‑dhìreach; nì thusa ceum an fhìrein fìor‐chòmhnard.
8
Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.
9
Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.
10
Nochd tròcair don aingidh, gidheadh chan fhòghlaim e fìreantachd; ann an tìr an ionracais buinidh e gu fealltach; agus cha toir e fa‑near mòralachd an Tighearna.
11
A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.
12
A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.
13
O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnan eile a bharrachd ortsa; ach annadsa a‑mhàin nì sinn luaidh air d’ainm.
14
Tha iad marbh, cha tig iad beò; dh’eug iad, chan èirich iad; uime sin dh’fhiosraich agus mhill thu iad, agus sgrios thu as an cuimhne gu tur.
15
Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn.
16
A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.
17
Mar a bhios bean thorrach, nuair a bhios àm a h‑aisead am fagas, ann an teanntachd, ag èigheach gu h‑àrd na saothair; mar seo bha sinn ann ad fhianais, O Thighearna.
18
Dh’fhàs sinn torrach, bha sinn ann an teanntachd, rug sinn mar gum b’e gaoth; cha d’obraich sinn slàinte anns an talamh, cha mhò a tha luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail air tuiteam.
19
Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh‐sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.
20
Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.
21
Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit, a smachdachadh luchd‐àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66