bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 16
Isaiah 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 17 →
1
Cuiribhse uan a dh’ionnsaigh na tìre, o Shela an fhàsaich, gu sliabh nighean Shioin.
2
Oir mar eunlaith sheachranach, air am fògradh on nead, mar sin bidh nigheanan Mhòaib aig àthan Arnoin.
3
Tabhair comhairle, cuir an gnìomh breitheanas; dèan do sgàil mar an oidhche ann an àird a’ mheadhon‐là; falaich na dìobaraich; na brath am fògarrach.
4
Gabhadh mo dhìobaraich tàmh maille riut, O Mhòaib; bi ad ionad‐falaich dhaibh on mhilltear; oir thàinig crìoch air an fhear‐shàrachaidh, sguir am fear‐millidh; tha an luchd‐saltairt air an caitheamh as an tìr.
5
Agus daingnichear an rìgh‐chathair ann an tròcair, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais.
6
Chuala sinn uabhar Mhòaib; tha e ro‑uaibhreach; a àrdan, agus a uaill, agus a fhearg; ach chan eil a spionnadh da rèir.
7
Air an adhbhar sin caoinidh Mòab; airson Mhòaib caoinidh gach aon; airson bunait Chir‐hareseit nì sibh tuireadh: gu cinnteach tha iad air am bualadh.
8
Oir tha machraichean Hesboin air fàilneachadh, agus fìonain Shibmah; bhris maithean nan cinneach sìos a fìon‐chroinn ghasda; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad air feadh an fhàsaich; shìn a geugan iad fhèin a‑mach, chaidh iad thar fairge.
9
Air an adhbhar sin guilidh mi le gul Iaseir airson fìonain Shibmah; uisgichidh mi thu lem dheòir, O Hesboin agus Elealeh; oir dh’fhalbh a’ cho‐ghàir airson do mheas‐samhraidh, agus airson d’fhogharaidh.
10
Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich; agus anns na fìonliosan cha dèan iad ceòl, cha tog iad iolach; anns na h‑amaran cha bhrùth am fear‐bruthaidh fìon; thug mise air an iolach sgur.
11
Uime sin nì mo chom fuaim mar chlàrsaich airson Mhòaib; agus mo thaobh a‑staigh airson Chir‐hareis.
12
Agus tàrlaidh, nuair a chìthear gun do sgìthich Mòab e fhèin air an ionad àrd, gun tèid e a‑steach da ionad naomh a dhèanamh ùrnaigh; ach cha soirbhich leis.
13
Seo am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Mhòaib on àm sin.
14
Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr‐shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66