bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 42
Isaiah 42
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 41
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 43 →
1
Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.
2
Cha ghlaodh e, agus cha tog e iolach; agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean.
3
A’ chuilc bhrùite cha bhris e, agus an lìon dem bheil caol smùid cha mhùch e; foillsichidh e breitheanas a‑chum fìrinn.
4
Cha tig fàilling no briseadh air gus an suidhich e breitheanas air an talamh; agus feithidh na h‑eileanan air a lagh.
5
Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:
6
Ghairm mise Iehòbhah thu ann am fìreantachd, agus gabhaidh mi greim ded làimh, agus gleidhidh mi thu; agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh, mar sholas do na cinnich;
7
A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.
8
Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.
9
Feuch na seann nithean, thàinig iad gu crìch, agus nithean nuadha cuiridh mi an cèill; mum bris iad a‑mach, foillsichidh mi dhuibh iad.
10
Seinnibh don Tighearna òran nuadh; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta.
11
Togadh am fàsach iolach, agus na bailtean a tha ann; na bailtean beaga, luchd‐àiteachaidh Chedair; dèanadh luchd‐àiteachaidh na creige co‑ghàir; o mhullach nan slèibhtean togadh iad iolach.
12
Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean.
13
Mar threun‐fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear‐cogaidh dùisgidh e suas eud: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean.
14
Dh’fhan mi fada sàmhach, bha mi am thosd, chùm mi orm fhèin; a‑nis èighidh mi mar mhnaoi ri saothair; sgriosaidh mi, agus ithidh mi suas maraon.
15
Cuiridh mi fàs slèibhtean, agus tiormaichidh mi am feur uile; nì mi na h‑aibhnichean nan eileanan, agus tiormaichidh mi na linneachan uisge.
16
Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.
17
Tillear air an ais, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan‐ne.
18
Cluinnibh, sibhse a tha bodhar; agus a dhaoine dall, amhaircibh a‑chum gum faic sibh.
19
Cò a tha dall ach m’òglach‐sa, no bodhar mar an teachdaire a chuir mi uam? Cò a tha dall mar esan a tha iomlan, no dall mar òglach an Tighearna?
20
Tha thu a’ faicinn iomadh nì, ach chan eil thu a’ tabhairt fa‑near; tha do chluasan fosgailte, ach gun a bhith a’ cluinntinn.
21
Tha an Tighearna gràsmhor air sgàth a fhìrinn fhèin; àrdaichidh e an lagh, agus cuiridh e urram air.
22
Ach is sluagh seo a tha spùinnte agus creachte; tha iad uile air an glacadh ann an slocan, agus air an druideadh a‑steach ann am prìosanan; rinneadh iad nan cobhartach, agus chan eil neach gan tèarnadh; nan creich, agus chan eil neach a their, Thoir air ais.
23
Cò nur measg a dh’èisdeas ri seo; a bheir fa‑near, agus a ghabhas suim as an àm ri teachd?
24
Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd‐creachaidh? Nach b’e an Tighearna, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd?
25
Air an adhbhar sin dhòirt e air teas a chorraich, agus neart a’ chatha; agus dh’fhadaich e teine mun cuairt dha, ach cha do thuig e; agus loisg e e, gidheadh cha tug e fa‑near.
← Chapter 41
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 43 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66