bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 17
Isaiah 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 18 →
1
Trom‐eallach Dhamascais. Feuch, tha Damascas air atharrachadh o bhith na bhaile, agus bidh e na thòrr lèirsgrios.
2
Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh.
3
Agus dealaichidh an daingneach o Ephraim, agus an rìoghachd o Dhamascas; agus fuidheall Shiria, bidh iad mar ghlòir chloinn Israeil, deir Tighearna nan sluagh.
4
Agus tàrlaidh anns an là sin, gum bi glòir Iàcoib air a caitheamh as, agus fàsaidh saill a fheòla caol.
5
Agus bidh e amhail nuair a chruinnicheas neach fogharadh an arbhair, agus a bhuaineas a ghàirdean na diasan; agus bidh e amhail a thionaileas neach diasan ann an gleann Rephaim.
6
Gidheadh fàgar ann fuidheall dhearcan, mar ann an crathadh a’ chroinn‐ola; a dhà no trì de dhearcagan air mullach a’ mheangain as àirde; ceithir no còig air a gheugan iomallach torrach, deir an Tighearna Dia Israeil.
7
Air an là sin amhaircidh duine air a Chruithear, agus seallaidh a shùilean air Tì naomh Israeil.
8
Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan.
9
Anns an là sin bidh a bhailtean daingnichte cosmhail ri meangan a dh’fhàgadh, no ri gèig a dh’fhàg iad, ro chloinn Israeil; agus bidh lèirsgrios ann.
10
A chionn gun do dhìochuimhnich thu Dia do shlàinte, agus nach robh thu cuimhneachail air carraig do neirt; air an adhbhar sin suidhichidh tu craobhan taitneach, agus suidhichidh tu failleanan coimheach.
11
Anns an là bheir thu air do chraobhan fàs, agus anns an oidhche bheir thu air do shìol cinntinn; ach bidh am fogharadh na dhùn ann an là a’ dhoilgheis agus a’ bhròin gun dòchas.
12
Is an‑aoibhinn do mhòr‐chuideachd nam fineachan lìonmhor, a tha a’ dèanamh fuaim mar fhuaim nan cuantan; agus do bheucaich nan cinneach, a tha ri beucaich cosmhail ri toirm uisgeachan làidir.
13
Beucaidh na cinnich cosmhail ri toirm mòran uisgeachan; ach bheir Dia dhaibh achmhasan, agus teichidh iad fad air falbh; agus fuadaichear iad mar chanach an t‑slèibh ron ghaoith, agus mar chuairteig ron iomaghaoith.
14
Agus, feuch, ri àm an fheasgair, uamhas; agus mun tig a’ mhadainn, chan eil e ann. Seo cuibhreann na muinntir a tha gar creachadh, agus crannchur na dream a tha gar spùinneadh.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66