bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 41
Isaiah 41
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 40
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 42 →
1
Bithibh nur tosd am làthair, O eileanan, agus ath‐nuadhaicheadh na slòigh an neart; thigeadh iad am fagas, an sin labhradh iad; dlùthaicheamaid ri chèile a‑chum tagraidh.
2
Cò a dhùisg suas an t‑ionracan on ear, a ghairm e a‑chum a choise, a chuir na cinnich na fhochar, agus a thug dha riaghladh thar rìghrean; a rinn iad mar an duslach ro a chlaidheamh, agus mar an asbhuain fhuadaichte ro a bhogha?
3
Ruaig e iad, chaidh e thairis ann an tèarainteachd, air slighe air nach d’imich e roimhe le a chasan.
4
Cò a dh’obraich agus a choilean seo, a’ gairm nan ginealach o thùs? Mise an Tighearna, an ciad neach, agus maille riùsan air dheireadh, is mise e.
5
Chunnaic na h‑eileanan, agus ghabh iad eagal; iomallan na tìre, agus bha iad fo uamhas; dhlùthaich iad, thàinig iad am fagas.
6
Chuidich gach fear a choimhearsnach, agus thubhairt e ra bhràthair, Bi misneachail.
7
Mar sin thug an saor misneach don òr‑cheard; esan a mhìnicheas leis an òrd, don fhear a bhuaileas air an innein, ag ràdh, Tha e ullamh a‑chum a thàthadh; agus dhaingnich e le tàirngean e, air chor is nach gluaiste e.
8
Ach thusa Israeil, m’òglach, a Iàcoib, a roghnaich mi; sliochd Abrahàim, mo charaid;
9
Thusa, a stiùir mi o iomallan na talmhainn, agus a ghairm mi o mheasg a maithean; agus thubhairt mi riut, Is tu m’òglach; roghnaich mi thu, agus cha do chuir mi cùl riut:
10
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
11
Feuch, nàraichear agus maslaichear iadsan uile a bha air bhoile riut; bidh iad mar neoni; agus thèid iadsan a nì strì riut am mugha.
12
Iarraidh tu iad, agus chan fhaigh thu iad, eadhon na daoine a rinn strì riut; bidh na daoine a rinn cogadh riut mar neoni, agus mar nì gun bhrìgh.
13
Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.
14
Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil.
15
Feuch, nì mise thu ad inneal‐bualaidh geur nodha, aig am bi fiaclan; buailidh tu na slèibhtean, agus pronnaidh tu gu mìn iad; agus nì thu na cnuic mar mholl.
16
Fasgnaidh tu iad, agus bheir a’ ghaoth air falbh iad, agus sgapaidh a’ chuairt‐ghaoth iad; ach nì thusa gàirdeachas anns an Tighearna, nì thu uaill ann an Tì naomh Israeil.
17
Nuair a bhios am bochd agus an t‑ainnis ag iarraidh uisge, agus nach bi e ann; agus a bhios an teanga air tiormachadh le tart; mise Iehòbhah freagraidh mi iad; Dia Israeil, is mi nach trèig iad.
18
Fosglaidh mi aibhnichean anns na h‑ionadan àrda, agus tobraichean ann am meadhon nan gleann; nì mi am fàsach na linne uisge, agus am fearann tioram na shruthan uisge.
19
Cuiridh mi anns an fhàsach an seudar, an sitta, am miortal, agus an crann‐ola; suidhichidh mi anns an fhàsach an giuthas, an gall‐ghiuthas agus am bocsa le chèile:
20
A‑chum gum faic agus gun aithnich iad, agus gun toir iad fa‑near, agus gun tuig iad maraon, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, agus gur e Tì naomh Israeil a dhealbh e.
21
Thugaibh am fagas ur cùis, deir an Tighearna; thugaibh an làthair ur mòr‐chumhachdan, deir rìgh Iàcoib.
22
Thigeadh iad am fagas, agus innseadh iad dhuinn na nithean a thig gu crìch; innseadh iad dhuinn ciod iad na nithean a bha roimhe, a‑chum gun toir sinn fa‑near iad; agus gum bi fhios againn air a’ chrìch; no cuireadh iad an cèill nithean ri teachd.
23
Innsibh dhuinn na nithean a thig gu crìch an dèidh seo, agus aithnichidh sinn gur diathan sibh; seadh, dèanaibh math, no dèanaibh olc, a chum gun amhairc sinn, agus gum faic sinn e maraon.
24
Feuch, is neoni sibh, agus is nì gun bhrìgh ur n‑obair: is gràinealachd esan a roghnaicheas sibh.
25
Thog mi suas fear o thuath, agus thig e; o èirigh na grèine gairmidh e air m’ainm; agus thig e a‑nuas air prionnsachan mar air clàbar, agus mar a shaltras an creadhadair a’ chriadh.
26
Cò a dh’innis o thùs, ionnas gum biodh fios againn; agus ro làimh, gun abramaid, Tha e ceart? Seadh, chan eil neach ag innse, seadh chan eil neach a’ cur an cèill, seadh, chan eil neach a’ cluinntinn ur briathran.
27
Their mi ri Sion an toiseach, Feuch, feuch iad sin; agus do Ierusalem bheir mi teachdaire deagh sgeòil.
28
Oir dh’amhairc mi, agus cha robh neach ann, agus nam measg cha robh fear‐comhairle; no neach a bheireadh freagradh nuair a dh’fheòraich mi dhiubh.
29
Feuch, is dìomhanas iad uile; is neoni an obraichean; is gaoth agus faoineis an dealbhan leaghte.
← Chapter 40
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 42 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66